SGEULACHDAN À EILEAN IARMAIN | STORIES FROM EILEAN IARMAIN

Chaidh Taigh-òsta Eilean Iarmain a thogail ann an 1893 le Iain MacCoinnich agus chaidh a thoirt air màl dha Eairdsidh Mòr MacNeacail. Ruith esan e le a dhithis pheathraichean gus an do ghluais e a Mhalaig far an do thog e Taigh-òsta na Mara, a’ fàgail a pheathraichean os cionn chùisean aig Eilean Iarmain. Chaidh am poirds ghlainne a chur ris an Taigh-òsta ann an 1930 le Tormod MacLeòid à Breacais, a bha na mhàladair aig an àm ud.

Mar phàirt den phrògram gus toglaichean Eilean Iarmain agus an sgìre mu chuairt air ath-nuadhachadh, chaidh an tùr cruinn, a dhealbh Sir Iain Noble, Bàr a’ Phràban agus an dà sheòmar cadail gu h-àrd a chur ris ann an 1976. Roimhe bha an t-seann Bhothan fiodha ann agus ‘s iomadh cèilidh a chaidh a chumail ann gu uairean beaga na maidne. Bha an t-seann bhàr seo làn caractar ach ag aodion gu dona agus bhathar a’ cumail a-mach nam biodh feum aig neach sa bhàr air boinneag uisge san dram aige, nach fheumadh e ach a ghlainne a chumail fon uisge a bha a’ sruthadh tron mhullach!

Hotel Eilean Iarmain was built in 1893 by John MacKenzie and was leased to Eairdsidh Mòr MacNeacail. He ran it with his two sisters until he moved to Mallaig and built the Marine Hotel, leaving them in charge at Eilean Iarmain. The glass fronted porch along the front of the Hotel was added in 1930 by Norman Macleod of Breakish, who was the tenant at that time.

As part of the programme of restoration of Eilean Iarmain and the area, the conical roofed circular tower, designed by Sir Iain Noble, along with the Pràban Bar and the two bedrooms above were added in 1976. Prior to this there had been the old wooden Bothan Bar, which had witnessed many a ceilidh till dawn. This characterful bar leaked badly and it was said that if a customer needed a drop of water in his dram of Uisge Beatha, he needed only to hold his glass momentarily under the drops of rain leaking through the roof!